GAOL
tha ‘n gaol
deatamach, thuirt
Kierkegaard.
‘s fheàrr, ar leam,
gaol a thoirt
gun deatam, aithne
anam ri anam,
conaltradh, fuil
ri fuil, san teicheadh –
na dhìreadh no na theàrnadh –
is gun fhios agad
ge dè ‘s ceann-uidhe.